Sgrùd na plugain agad
’S iad na plugain a tha ag obrachadh nam videothan, beòthachaidhean is geamannan sa Firefox agad. Cum sùil air an staid aca is cum iad ùraichte.
Dèan cinnteach gun ath-thòisich thu Firefox an dèidh dhut na h-ùrachaidhean a mhol sinn a chur an gnìomh.
Plugain choitcheann a bu chòir dhut sgrùdadh gu tric.
Gach plugan (0) so-leònte
| Plugan | Staid | Gnìomh |
|---|
| Plugan | Staid |
|---|
| Plugan | Gnìomh |
|---|
Ceistean àbhaisteach mu phlugain
Taic a dhìth ort? Tadhail air làrach na taice aig Mozilla.Dè th' ann am plugan?
- ’S e pìosan beaga de bhathar-bog a tha ann am plugain a ruitheas videothan, beòthachaidhean is geamannan sa bhrabhsair agad.
- Chaidh an cruthachadh le companaidhean taobh a-muigh Firefox, mar Adobe Systems agus Apple.
Carson a dh'ùraichinn na plugain agam?
- Ma tha na plugain agad ro aosta, bidh thu ann an cunnart o bhathar-bog droch-rùnach, bhìorasan is bagairtean tèarainteachd eile. Dh’fhaoidte gum bris iad a-steach ort cuideachd nuair a bhios tu a’ dèanamh brabhsadh.
- Cum na plugain agad ùraichte agus ruithidh am brabhsair agad rèidh ’s tèarainte.
- Cha dèan gach plugan ùrachadh fèin-obrachail fad an t-siubhail agus feumaidh tu fhèin a dhèanamh o àm gu àm mar sin.
Ciamar a chuidicheas Firefox mi?
Bidh Firefox comasach air na plugain ùrachadh dhut uaireigin san àm ri teachd. Gus an latha ud, bu chòir dhut sùil a chumail air an làrach seo gu cunbhalach agus na plugain agad ùrachadh airson Firefox a chumail tèarainte.
Ciamar a chì mi dè na plugain a tha stàlaichte agam ann am Firefox?
Dh’fhiosraich sinn dè na plugain a tha agad gu fèin-obrachail is chì thu gu h-àrd iad. Airson sùil a thoirt air plugain a tha stàlaichte agad ann am Firefox, lean ris na ceuman a leanas sa bhrabhsair desktop agad:
- Fosgail an .
- Tagh "Tuilleadain".
- Briog air taba nam plugan.
Ciamar a chuireas mi plugan à comas?
Ann am Firefox airson desktop:
- Fosgail an .
- Tagh "Tuilleadain".
- Briog air taba nam plugan.
- Briog air a' chlàr-taice ri taobh a' phlugain a bu toigh leat a chur à comas.
- Tagh "Na gnìomhaich idir" am measg nan roghainnean ann.
An aire: Ma chuireas tu plugan à comas, chan urrainn dhut cuid a rudan a dhèanamh tuilleadh. Mar eisimpleir, ma chuireas tu Flash à comas, chan fhaic thu na videothan air cuid a làraichean a shruthas video.