
Bheir tionndadh luchd-leasachaidh de Firefox fiosrachadh air ais dha Mozilla gu fèin-obrachail. Barrachd fiosrachaidh
'S e tionndadh luchd-leasachaidh de Firefox an aon bhrabhsair a chaidh a dhealbhadh a-rèir sruth-obrach luchd-leasachaidh. Dèan build, deuchainn, sgèileadh is mòran a bharrachd san aon àite a' chiad turas a-riamh.
Sgrùd is dì-bhugaich an aplacaid agad a thaobh brabhsair no uidheam sam bith le Valence — leudachan ro-stàlaichte cumhachdach nach fhaighear ach ann an tionndadh luchd-leasachaidh de Firefox.
Cuir air gleus meud nan sgrìnichean leis an Responsive Design View agus an CSS agad gun dàil leis an deasaichear stoidhle a tha 'na bhroinn o thùs.
Tha tionndadh luchd-leasachaidh de Firefox a' toirt còmhla prìomh-innealan luchd-leasachaidh agus feadhainn ùra a bheir comas dhut obair a dhèanamh air iomadh ùrlar san aon àite. Gach rud a bha agad roimhe ach nas fhearr. 'S ann am Firefox a-mhàin.
Deasaich beòthachaidhean CSS is HTML lèirsinneach a tha a’ cluich air an duilleag o phanail an sgrùdaiche. Dearbh a’ cho-thaobhadh, meud is padadh aig eileamaid sam bith leis an rùilear is na h-innealan tomhais.
Barrachd fiosrachaidh mu innealan an deasachaidh lèirsinnich
Cleachd beòthachadh lèirsinneach is innealan deasachadh CSS aig tionndadh an luchd-leasachaidh, ruig dubh-ghrunnd na h-aibheise is coinnich ri creutairean neònach a tha beò ann.
Feuch DevTools Challenger
Sgrùd reat fhrèamaichean, caitheamh cuimhne is pròifil JS na susbaint-lìn agad ann an co-shealladh loidhne-ama a nì e furasta dhut cnapan-starra dèanadais a lorg is fhuasgladh.
Barrachd fiosrachaidh mu innealan an dèanadais
Sgrùd aig HTML is CSS aig duilleag-lìn sam bith is atharraich structar is co-dhealbhachd de dhuilleag sam bith gun duilgheadas.
Barrachd fiosrachaidh mu sgrùdaiche nan duilleagan
Dèan sgrùdadh is eadar-obrachadh le API na fuaime-lìn ann am fìor-àm gus dèanamh cinnteach gu bheil gach nòd fuaime ceangailte mar bu chòir.
Barrachd fiosrachaidh mu dheasaiche na fuaime-lìn
Faic fiosrachadh a chaidh a logadh a thaobh duilleig-lìn sam bith 's cleachd a' chonsoil-lìn gus eadar-obrachadh a dhèanamh le duilleagan-lìn slighe JavaScript.
Faigh barrachd fiosrachaidh mun chonsoil-lìn
Coisich tro JavaScript ceum air cheum is sgrùd no atharraich an staid aige ach an urrainn dhut greim fhaighinn air na bugaichean ud.
Barrachd fiosrachaidh mu dhì-bhugadair JavaScript
Faic gach iarrtais lìonraidh a nì am brabhsair agad, dè cho fad 's a bheir gach iarrtas is mion-fhiosrachadh mu gach iarrtas.
Barrachd fiosrachaidh mu mhonatair an lìonraidh
Faic is deasaich stoidhlean CSS co-cheangailte ri duilleag-lìn, cruthaich feadhainn ùra 's cuir an sàs siota-stoidhle CSS ann an duilleag sam bith.
Barrachd fiosrachadh mun deasaiche stoidhle
Faic cò ris a bhios an làrach no aplacaid-lìn agad coltach air sgrìnichean mòra 's beaga gun a bhith a' beantainn ri meud uinneag a' bhrabhsair agad.
Barrachd fiosrachaidh mu shealladh an dealbhaidh fhreagairteach
Sgrùd is dì-bhugaich na h-aplacaidean agad a thaobh iomadh brabhsair no uidheamleis an leudachan ro-stàlaichte chumhachdach seo nach fhaighear ach ann an tionndadh luchd-leasachaidh de Firefox.
Faigh barrachd fiosrachaidh mu Valence