Cuiridh sinne Firefox ri do làimh. Cuiridh tusa do dhreach fhèin air.

Na gleusan a tha a' fìor-chòrdadh riut. Gleusan prìobhaideachd earbsach. Cha robh Firefox airson Android againn roimhe a bha cho so-ghnàthaichte.

Cuir Firefox gun fhòn tapaidh no tablaid agad

Faigh e air Google Play

Brabhsair gu sònraichte dhut-sa

Chan eil ach Firefox airson Android a' cur uiread a dhòighean
gus dreach pearsanta a chur air brabhsadh mobile.

Co-roinneadh nas tapaidhe airson a h-uile duine

Cuimhnichidh Quick Share na h-aplacaidean a chleachd thu o chionn goirid airson 's gum bi e furasta dhut am facal a sgaoileadh air an dòigh as iomchaidhe dhut fhèin.

Seo mar a dh'obraicheas e
Share anything from the Web, using your favorite social sharing apps, directly from within Firefox for Android.
Share anything from the Web, using your favorite social sharing apps, directly from within Firefox for Android.

Na h-annsachdan uile agad

Gnàthaich na panailean dachaidh agad le susbaint-lìn sam bith 's faigh cothrom air na h-inbhirean as fhearr leat — mar Instagram agus Pocket Hits — sa bhad.

Seo mar a dh'obraicheas e
Add your favorite feeds, like Instagram, to your Firefox for Android home panel for instant access. Add Pocket Hits to keep your saved articles and blog posts at your fingertips. You can even add 101 Cookbooks and other feeds — whatever it is that you use most.
Add your favorite feeds, like Instagram, to your Firefox for Android home panel for instant access.

Beagan nas pearsanta

Seall na panailean dachaidh agad ann an òrdugh sam bith no cuir feadhainn ris, thoir air falbh no cuir am falach iad airson greim fhaighinn orra sa bhad.

Barrachd fiosrachaidh
After adding content to your home panel, you can customize things further by choosing how the content is displayed.
After adding content to your home panel, you can customize things further by choosing how the content is displayed.

Leugh is sàbhail artaigilean gun duilgheadas

Dèan leughadh nas tlachdmhoire leis an t-sealladh-leughaidh agus an liosta-leughaidh. Faigh cothrom air na h-artaigilean a shàbhail thu fiù mur eil thu air loidhne.

Faigh barrachd fiosrachaidh mun liosta-leughaidh
Faigh barrachd fiosrachadh mun t-sealladh leughaidh
Enjoy a more pleasant reading experience with Reader View and Reading List.
Enjoy a more pleasant reading experience with Reader View and Reading List.

Atharraich an cànan

Atharraich cànan a' bhrabhsair agad gu luath 's gun duilgheadas gun a bhith beantainn ri roghainnean an uidheim air fad 's gun fheum air ath-thòiseachadh.

Barrachd fiosrachaidh
Change the display language in Firefox for Android without changing your phone’s language settings.
Change the display language in Firefox for Android without changing your phone’s language settings.

Cuir air an sgrìn mhòr e

Cuir video is susbaint-lìn on fhòn tapaidh agad gu tablaid no TBh sam bith a tha comasach air sruthadh.

Barrachd fiosrachaidh
Send video content from Firefox for Android to any TV with supported streaming capabilities. Tap the screencast icon in the lower left corner of a video to begin playing it on your TV. Watch the content from your phone on your big screen TV.
Send video content from Firefox for Android to any TV with supported streaming capabilities.

Cum am fiosrachadh prìobhaideach agad prìobhaideach

Tha sinne dhen bheachd gur ann agad-sa a tha am fiosrachadh prìobhaideach agad. Tha Firefox airson Android loma-làn de ghleusan a chumas e prìobhaideach.

  • Brabhsadh prìobhaideach le
    dìon o thracadh

    Dèan brabhsadh as aonais eachdraidh, luirg is briosgaidean a bhith ’gad leantainn is bac treas-phàrtaidhean falaichte o bhith ’gad leantainn air feadh an lìon.

    Barrachd fiosrachaidh mun bhrabhsadh phrìobhaideach
  • Falamhaich an eachdraidh

    Sguab às an eachdraidh brabhsaidh, na faclan-faire agad 's mòran a bharrachd le aon ghnogag. Tagh dè an dàta prìobhaideach a bu toigh leat a thoirt air falbh ma bhios agad ri thoirt air falbh.

    Mar a dh'fhalamhaicheas tu an eachdraidh agad
  • Brabhsadh mar aoigh

    Cleachd an aon bhrabhsair a chleachdas do charaidean 's do theaghlach gun eagar sam bith ort gum faic sibh na tha càch a' dèanamh air loidhne.

    Fiosraich mar a cho-chleachdas tu am brabhsair agad

Na fàg do thaigh gun sioncronachadh

Thoir leat na faclan-faire, comharran-lìn, tabaichean fosgailte 's mòran a bharrachd ge be càit an dèid thu. Cleachd sioncronachadh air an fhòn tapaidh no tablaid agad airson cothrom fhaighinn air rud sam bith a tha air an desktop agad — agus a chaochladh — gun fheum air URLaichean a chumail 'nad chuimhne.

Faigh barrachd fiosrachaidh mun t-sioncronachadh

Tagh Firefox